BBC Spòrs Gaelic
@BBCSpors
Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar nàiseanta bho @bbcnaidheachdan. Local, national & international sports news from BBC Gaelic. Retweets are not endorsements.
Spòrscast le Derek MacAoidh, ball-coise, rugbaidh, rothaireachd, iomain agus gu leòr eile! 🎧 Èist an seo: bbc.in/4f6i0DY

⚽ 'S iad an Rubha a tha air thoiseach às deidh a' chiad gheam aca le Càrlabhagh ann an iar-chuairt dheireannach de Chupa Eilean an Fhraoich. Thàinig na Rubhaich am bàrr 2-0 ann an Garrabost oidhche Chiadain. Seo agaibh sùil air ais air mar a chaidh an geam.
⚽ Air an Spòrscast as ùire tha Javen Houston agus aoighean a' coimhead air adhart ri seusan ùr a' bhuill-choise. 📻 Cuideachd ri fhaighinn air @BBCRnG aig 1900 a-nochd. 🎧 Èist an seo: bbc.in/3H0cgPy

Thèid An Rubha an aghaidh Chàrlabhagh sa chiad gheam eatorra ann an iar-chuairt dheireannach Cupa Eilean an Fhraoich a-nochd. Air an taobh eile dhen taghadh tha Am Bac 4-3 air thoiseach air An Taobh Siar às dèidh a' chiad gheam acasan. Seo sùil air na tadhail bhon gheam sin.
Cluichidh Rangers an aghaidh Panathinaikos a-nochd san dàrna cuairt dearbhaidh den Champions Lìog aig Ibrox. Tha fear de luchd-leantainn Rangers, Colin George Moireasdan, den bheachd gum feum Rangers a bhith air thoiseach mus siubhal iad dhan Ghrèig.
Le Geamannan Eadar-nàiseanta nan Eilean a-niste air tighinn gu ceann tha Spòrs na Seachdain a toirt sùil air ais air mar a chaidh na farpaisean ann an Arcaibh. Èist air sounds: bbc.in/3GKY8K0

Bha fireannaich WIIGA anns an t-siathamh àite ann am farpais nan sgiobaidhean sa ghoilf aig Geamannan nan Eilean. Bha Dàibhidh Black sa 15mh àite san fharpais shingilte, le Colin MacRisnidh san 22na àite, Edward Rodgers san 27mh àite agus Dòmhnall Iain MacLeòid san 36mh àite.
Bonn eile do sgioba nan Eilean Siar ann an Arcaibh! San leth-mharaton an-diugh! Na naidheachdan as ùire an seo: bbc.in/3TIOCKl
Tha Kara Hanlon air ceithir buinn òir agus bonn umha a' chosnadh aig Geamannan nan EIlean. Tha Kara cuideachd airson an ath ghinealach de luchd-snàimh anns na h-eileannan a' bhrosnachadh gus feuchainn air an t-slighe a ghabh i fhèin san spòrs a' leantainn.
Briseadh dùil an-dè do sgioba ball-coise nam ban aig na h-Eileannan an Iar, ach cothrom aca fhathast air bonn an-diugh...
Bhuannaich Kara Hanlon rèis an 100m individual medley aig Geamannan nan Eilean gus an ceathramh bonn òir aice a' chosnadh. Chrìochnaich Kara ann an 1:02.92, an uair as luaithe a rinn i a-riamh anns an rèis seo. bbc.in/4lTcV4e
Chaill sgioba nan Eilean Siar ri Eilean Mhanainn san iar-chuairt dheireannaich de dh'fharpais a' bhuill-choise aig Geamannan nan Eilean. Bhuannaich Eilean Mhanainn 3-2 air breaban peanais às dèidh dhan gheam crìochnachadh 1-1 às dèidh ùine a bharrachd. bbc.in/4kKutyu
Chaill sgioba nan Eilean Siar ri Eilean Mhanainn san iar-chuairt dheireannaich de dh'fharpais a' bhuill-choise. Bhuannaich Eilean Mhanainn 3-2 air breaban peanais às dèidh dhan gheam crìochnachadh 1-1 às dèidh ùine a bharrachd. bbc.in/46yN9xV
Bha Catriona Bain is Ailyn NicAoidh a' ruith às leth WIIGA ann an cuairt dheireannach an 5,000m a-raoir. Ged nach d'fhuair iad bonn dh'ionnsaich iad an t-uabhas. bbc.in/4nUL5GC
Air an Spòrscast as ùire tha Derek Moireach agus Aonghas Dòmhnallach a' còmhradh mu chraoladh ball-coise ann an Gàidhlig agus 40 bliadhna ann bhon chiad aithris beò air geam sa chànan. 📻 Cuideachd ri fhaighinn air @bbcrng aig 1900 🎧 Èist an seo: bbc.in/46wu2Vd
An-diugh an là mu dheireadh de dh' fharpaisean boghadaireachd do sgioba WIIGA aig Geamannan Arcaibh. Chan eil iad air bonn a bhuannachadh thuige seo ach tha iad toilichte le mar a tha cùisean air a dhol dhaibh.
Bonn òr eile ann an Arcaibh an raoir! Cò eile, ach Kara Hanlon!
Bha deagh là aig Abbie Stiùbhart is i troimhe gu cuairt dheireannach eile - is i ag amas air bonn eile.
Bonn òir eile ann an Arcaibh is cò eile a bhuannaich e.... bbc.in/4kDpAal

Tha rèis rathaid nam fear air tighinn gu ceann le Brian Mac a' Phì bho na h-Eileanan an Iar a' crìochnachadh san 27mh àite le uair de 02:25:48, agus an fharpaisiche eile aig WIIGA san rèis, Iain MacArtair, san 33mh àite le uair de 02:27:27.